Tùr Lezarmeur


Fàilte oirbh, fàilte ann an Tùr Lezarmeur !
’S e àite làn draoidheachd is buidseachd a th’ ann gun teagamh. Tha muinntir Tùr Lezarmeur gu math dèidheil air geamaichean.

Bidh Tùr Lezarmeur a’ toirt aire gu h-àraidh air geamaichean gabhail riochd “pàipear agus peann” (P⁊P), mar a their cuid. Ann a' sheo, gheobh sibh na leanas:Faidhlean ri luchdadh a-nuas, leithid eadar-theangachaidhean de gheamaichean bùird is de gheamaichean ghabhail riochd;Mapaichean agus stuth ri luchdadh a-nuas airson bhur seiseanan gheamaichean;Faclair Gàidhlig agus Breatnais a’ buntainn ri geamaichean, fantasachd agus saidheans-ficsean.


Geamaichean

Am bu mhath leibh cluiche beagan? Thigibh an seo is gheobh sibh stuth sa Ghàidhlig ri luchdadh a-nuas.


Faclair

A bheil sibh ag iarraidh riaghailtean Dùnan ⁊ Dràgonan eadar-theangachadh don Ghàidhlig? Seo stuth airson bhur cuideachadh.


Mapaichean

Is math linn gu mòr a bhith a' togail mapaichean de na dùthchannan iongantach air a bhios sinn a' tadhal. Is cinnteach gum bi iad gur cuideachadh sna cuairtean agaibh fhèin!


Conaltradh

Ma tha ceist no rudeigin agaibh ri ràdhainn dhuinn, tha fàilte oirbh teachdaireachd a chur thugainn.

Geamaichean


An seo gheobh sibh riaghailtean gheamaichean, sgeulachdan agus stuth eile airson bhur seiseanan. Dè tha a dhìth oirbh?

'S e geama gabhail-riochd oillteil a th' ann an Candela Obscura, stèidhte ann an saoghal car coltach ris an fhear a bh' againne aig toiseach an 20mh linn. Tha
an geama a' leantainn riaghailtean Illuminated Worlds, a chaidh an cruthachadh le Darrington Press (taigh-foillseachaidh Critical Role). Gheobh sibh na bun-riaghailtean (sa Bheurla agus an asgaidh) air an làrach-lìn acasan: https://darringtonpress.com/candela/
Tha sinn taingeil dha Dharrington Press airson cead a thoirt dhuinn na h-eadar-theangachaidhean againn a sgaoileadh ann a' sheo. Chan e eadar-theangachadh oifigeil a th' ann, ge-tà. Thèid Candela Obscura slàn fhoillseachadh (sa Bheurla) aig deireadh 2023.
Tha liosta de na facail a thagh sinn an coimeas leis a' Bheurla air an duilleig "Faclair" againn.

Bun-riaghailtean. Anns an leabhran seo, gheobh sibh bun-riaghailtean Candela Obscura, cuide ri lèirsinn fharsaing den t-saoghal anns a bheil an geama a' tachairt, agus sgeul airson tòiseachadh le cluiche.

Bun-riaghailtean
Sa Ghàidhlig gun dàil
Sa Bhreatnais gun dàil
Sa Fhraingis gun dàil

Bileag-iùil. Gheobh sibh gearr-chunntas air na riaghailtean air a' bhileig-iùil a tha seo. Bidh i gu feum airson sùil a thoirt air na riaghailtean fhad 's a chluicheas sibh.

Bileag-iùil
Sa Ghàidhlig an seo
Sa Bhreatnais gun dàil
Sa Fhraingis an seo

Caractairean Ro-dhèanta. Chaidh na 5 caractairean seo a chruthachadh gus am bi e comasach dhuibh tòiseachadh gu luath leis a' gheama.

Caractairean Ro-dhèanta
Sa Ghàidhlig an seo
Sa Bhreatnais gun dàil
Sa Fhraingis an seo

Duilleag Cearcaill. Ann an Candela Obscura, tha na caractairean mar phàirt de Chearcall, .i. buidheann de dhaoine a tha a' rannsachadh tachartasan neònach. Tha an duilleag seo ann airson bhur cuideachadh le leantainn adhartachadh a' Chearcaill agaibh.

Duilleag Cearcaill
Sa Ghàidhlig an seo
Sa Bhreatnais gun dàil
Sa Fhraingis an seo

Duilleag Caractair Bhàn. Ged nach eil riaghailtean slàn Candela Obscura ri làimh fhathast, rinn sinn duilleag bhàn dhan fheadhainn a tha airson caractairean nas pearsanta a thogail.

Gheobh sibh an seo riaghailtean gheamaichean air eadar-theangachadh (no air an cruthachadh) linn. Tha iad seo sìmplidh agus foirfe airson seisean goirid. Nuair 's e eadar-theangachadh a th' ann, chan eil na còirichean air a' gheama againn. 'S e geamaichean a tha ri lorg an asgaidh air loidhne a th' ann, agus gheobh sinn cead na h-eadar-theangachaidhean againn a roinneadh an asgaidh. Chan urrainn dhuibh na rudan sin a reic.

MÈIRLE NA MEALA. 'S e eadar-theangachadh de Honey Heist le Grant Howitt a th' ann am Mèirle na Meala. Sa gheama-seo, bidh agaibh ris a' mhèirle as motha a thachair riadh a ghabhail os làimh. Tha plana ioma-fhillte le tìmeachadh puingeil agaibh. Ò, agus 's e mathain a th' annaibh.

'S E IAIN A TH' ANNAINN. 'S e eadar-theangachadh de Everyone is John le Michael B. Sullivan a th' ann an 'S e Iain a th' annainn. Sa gheama seo, bidh sibh nur guth ann an ceann Iain, am fear as craicte san dùthaich. Bidh agaibh ri na tha sibh ag iarraidh a thoirt gu buil mus toir na guthan eile na tha fa-near dhaibhsan gu buil. Ach bithibh faiceallach: Tha Iain a-mach às a chiall, agus cha bhith e furasta dhuibh a stiùireadh.

DÌTH DHEÒGHLAN. 'S e eadar-theangachadh den gheama chliùiteach All Outta Bubblegum le Michael "Epoch" Sullivan is Jeffrey Grant a th' ann an Dìth Dheòghlan. Sa gheama seo, tha 8 deòghlain agaibh, agus bidh sibh gan call beag air bheag... Agus bidh na trioblaidean agaibh a' fàs ceum air cheum.

BUAILIDH MI LE MO THUAGH E. 'S e eadar-theangachadh den gheama I Hit It With My Axe le Brian Engard a th' ann. 'S e troich trodach barbarach a th' annaibh, agus tha sibh air cuairt gus bhur cuid cliù a thogail. An cleachd sibh bhur tuagh, no an cleachd sibh bhur tuagh?

EALAIN. 'S e eadar-theangachadh den gheama Comfort Zone le Brian Engard a tha seo. Tha an siostam seo a' cleachdadh d4 agus d6, agus ag oibreachadh mun cuairt air an sgeulachd fhèin.

Gheobh sibh an seo rudan eile a chaidh eadar-theangachadh no a chruthachadh linn, mar duilleagan-làimhe is goireasan-taice do na geamaichean agaibh. Chan urrainn dhuibh na rudan sin a reic.

FACLAIR CADHÒIT 7 FEANNAG. 'S e geama gabhail-riochd a chaidh cruthachadh le Tùsanaich Aimeireaga ann an 2021 a th' ann an Cadhòit is Feannag. Tha e stèidhte ann an saoghal saidheans-ficsean far nach do thachair colonachadh riadh ann an Aimeireaga, agus tha e air leth! Gheobh sibh an seo faclair airson bhur cuideachadh leis a' gheama a chluich sa Ghàidhlig. Mholamaid an geama a cheannach an seo: https://coyoteandcrow.net/NB: Tha tionndadh bàn ann gus am bi e nas fhasa dhuibh eadar-theangachadh a dhèanadh ann an cànan eile.

Faclair Cadhòit is Feannag
Sa Ghàidhlig an seo
Bàn an seo

CADHÒIT 7 FEANNAG Duilleag Caractair. Seo duilleag caractair airson Cadhòit 7 Feannag. Sin agaibh e. Dealbhachadh le Allura's Mysteries.

Cadhòit 7 Feannag : Duilleag Caractair
Sa Ghàidhlig an seo
Sa Fhraingis an seo


DUILLEAG-CHARACTAIR D7D. Tha caraid dhuinn air duilleag-charactair a' gheama ghabhail-riochd as cliùitiche san t-saoghal eadar-theangachadh gu Gàidhlig. Seo dhuibh e!

Duilleag-charactair D7D
Sa Ghàidhlig an seo

Ulaidh a' Mharaisg. Anns an sgeulachd seo, bidh na caractaran cluicheadair a' lorg rudeigin a ghoid buidheann de Choboltan no Bòcain bho mharaisg. Tha an sgeulachd fhèin agus mapaichean ceangailte rithe ri lorg sa Ghàidhlig an seo agus sa Bhreatnais an seo.

Gheobh sibh an seo riaghailtean gheamaichean gabhail-riochd slàn a bhios foirfe airson seiseanan goirid no sàgathan nas fhaide. Nuair 's e eadar-theangachadh a th' ann, chan eil na còirichean air a' gheama againn. 'S e geamaichean a tha ri lorg an asgaidh air loidhne a th' ann, agus gheobh sinn cead na h-eadar-theangachaidhean againn a roinneadh an asgaidh. Chan urrainn dhuibh na rudan sin a reic.

FÈINNIDH. 'S e eadar-theangachadh den gheama ainmeil Knave le Ben Milton a th' ann. 'S e geama fantasachd "seann-nòsach" a th' ann, a' leantainn seann tionndaidhean Dùnan is Dràgonan. Nach toir sibh sùil air làrach-lìn Ben, questingblog.com no air a sheanail Youtube, Questing Beast?

FÈINNIDH 2F Duilleag Caractair. Seo duilleag caractair airson Féinnidh, le Ben Milton. Tha seo stèidhte air Knave 2e, ach nì i an gnothach airson a' chiad fhoillseachadh den gheama cuideachd. Dealbhachadh le Allura's Mysteries.
Tha an duilleag ann le dealbhachadh làn dathach agus tè eile le dealbhachadh nas iomchaidhe dhan chlò-bhuaileadair.


CAIRN. Seo geama "seann-nòsach" cliùiteach eile, Cairn RPG le Yochai Gal. 'S e geama fantasachd a th' ann, is e gu math luath agus cunnartach. B' fheàrr a bhith a' cnuasachadh na bhith a' sabaid ann a' sheo! Thèid Cairn RPG a chlò-bhualadh sa Ghàidhlig airson a' chiad turas aig OH!CON 2023 ann an Steòrnabhagh! Gheobh sibh barrachd stuth airson Cairn ann an iomadh cànan air cairnrpg.com.

Riaghailtean Chairn
Sa Ghàidhlig an seo
Sa Fhraingis an seo

Duilleag Caractair
Sa Ghàidhlig an seo


DRÀGONAN 7 DEAMHAIN Duilleag Caractair. Seo duilleag caractair airson Drakar och Demoner (Dràgonan is Deamhain), an geama fantasach Suaineach as cliùitiche a chaidh ath-fhoillseachadh le Fria Ligan. Nach toir sibh sùil air an obair aca air freeleaguepublishing.com airson riaghailtean a' gheama (Suainis & Beurla) agus fada a bharrachd!
Dealbhachadh le Allura's Mysteries.

Dràgonan 7 Deamhain: Duilleag Caractair
Sa Ghàidhlig an seo
Sa Fhraingis an seo


BASIC FANTASY Duilleag Caractair. Seo duilleag caractair airson a' gheama seann nòsach Basic Fantasy, ri làimh an asgaidh air basicfantasy.org.
Dealbhachadh le Allura's Mysteries.

Faclair


Chan eil e furasta a bhith a' cluiche sa Ghàidhlig nuair a bhios a h-uile rud sa Chànan Eile. Gheobh sibh faclair an seo airson bhur cuideachadh le Cànan nan Gàidheal a chleachdadh sna geamaichean Dùnan ⁊ Dràgonan - agus fada a bharrachd - agaibh.Tha liosta fa-leth do na beathaichean is creutairean fantasach fon chiad chlàr, agus liosta eile an uair sin dìreach airson Magic: An Tional.Dìreach 's gum bi fios agaibh, tha sinn a' cleachdadh samhlaichean Gàidhealach/Ceilteach sna teacsaichean againn:
• Cleachdaidh sinn ⁊ a tha a' ciallachadh "&" no "agus". Tha "⁊rl" a' ciallachadh "agus eile" no "mar sin air adhart";
• Cleachdaidh sinn .i. a tha a' ciallachadh "is e sin a ràdhainn", bhon Laidin id est.
Bidh an liosta a' fàs beag air bheag, 's mar sin is urrainn dhuibh Ctrl+F a chleachdadh airson facal sònraichte a lorg.

GàidhligBreatnaisFraingisBeurla
Allabharrach, barbarachBarbarBarbareBarbarian
ÀrmannBerzerekBerserkeurBerserker
BàrdBarzhBardeBard
BònasBonuzBonusBonus
BuidseachAchantourSorcierSorcerer
BuadhPerzhAttributAbility
BuannachdLañs, avañtajAvantageAdvantage
CaithbheartHarnezArmureArmour
Caractar cluicheadairTudenn c'hoarierPersonnage JoueurPlaying Character
Caractair neo-chluicheadairTudenn hep c'hoarierPersonnage non-joueurNon-playing character
CathachKadourCombattantFighter
ClèireachKloaregClercCleric
Còmhdach an DarachMaskl an DervennCachette NaturelleMask of the Wild
CòmhragEmgannCombatCombat
Còmhrag làimheEmgann a-dostMêlée (combat)Melee
Còmhrag rainseachEmgann a-bellAttaque à distanceRange Attack
CorrguineachMajisianMagicienMagician
Cùl-sgeulPaseBackgroundBackground
DamaisteDomaj, freuzDégâtDamage
DeachdAwenInspirationInspiration
Deas-ghnàthRitual, lidRituelRitual
DeuchainnArnodennJet, testRoll, check
Deuchainn buaidhArnod perzhTest d'attributAbility Check
Deuchainn sgilArnod barregezhTest de compétenceSkill Check
DìonDifennDéfenseDefence
Dìsinn fortainDiñs chañsDé libreWild die
Dìsinn sgapachDiñs tarzhDé explosifExploding die
Dìsinn drùidhneachDiñs treantusDé pénétrantPenetrating die
Dìsinn SlàinteDiñs Yec'hedDé de santéHit Points Dice
DraoidhDrouizDruideDruid
An DuibheaganAn Doneier, AnnounL'OutreterreThe Underdark
Duilleag caractairFollenn TudennFiche de personnageCharacter sheet
DùnDin, tour-meurDonjonDungeon
Dùnan ⁊ DràgonanDinoù ⁊ EreventDonjons & DragonsDungeons & Dragons
DreuchdRummadClasse (de perso)Class (character)
Eachtradh, Guais-beartTro-kaer, avañturAventureAdventure
FantasachdMarzherezhMerveilleuxFantasy
Fantasachd Meadhan-aoiseachMarzherezh ar GrennamzerMédiéval-fantastiqueMedieval-fantasy
Fear/Bean a' GheamaMestr(ez) ar C'hoariMaître(sse) du jeuGame Master, Dungeon ~
Fèin-adhartasSkiant-prenetExpérienceExperience
Fèinnidh, maor-coilleSklaerierRôdeur, rangerRanger
FiatachdEnsilañDiscrétionStealth
Fionn-fantasachdFaltazi HarozelFantaisie héroïqueHeroic Fantasy
Fo gheasaibh, fo chroiseanDindan gazelgeEnvoûté, mauditBewitched, cursed
Foill-mhortairDrouklazherAssassinAssassin
Fuasgladh gnìomhaKas (un ober) da vatRésolution (d'action)Action resolution
GaisgeachdHarozelezhHéroïsmeHeroism
Geama Gabhail RiochdC'hoari-rollJeu de rôleRole-playing game
GeasadairHudourEnchanteurWizard
GeasagSord, kazel-geSort, sortilègeSpell
GliocasFurnezSagesseWisdom
GnìomhOberActionAction
Gnìomh SeòltaGwidreRuseCunning Action
ImpidhKendrec’hiñ, persuadiñPersuasionPersuasion
Inbhe dùbhlainLive diaesterSeuil de difficultéDifficulty class
Iol-cheàrdachYann e Vil-vicherTouche-à-toutJack of All Trades
Ionnsaigh lìogachArgad widalAttaque sournoiseSneak Attack
LàidireachdKreñvderForceStrength
LàmhachasDorn-matDextéritéDexterity
LaochBrezelourGuerrierWarrior
Leabhar gheasaganAgripa, (N)igromañs, VifGrimoireSpellbook
Lèirsinn mac-meanmnachLeurenniñ ijinusThéâtre de l'espritTheatre of the Mind
LeònGloazadennBlessureWound
LùthaireachdMibinder, liantizAgilitéAgility
MaireannachdAndurEnduranceConstitution
MalairtearMarc'hadourMarchandMerchant
ManachManac'hMoineMonk
ManaranSorserMage lié, ensorceleurWarlock
Marbh-draoidh, taracadair(N)igromañserNécromancierNecromancer
MèirleachLaeronVoleurThief
Mì-leasDilañs, tu-kollDésavantageDisadvantage
Mire-chathaFreneziFrénésieFrenzy
Mothachadh a' ChunnairtBoaz an DañjerSens du dangerDanger Sense
PeanasMaluzMalusPenalty
PisreagPisegCantripSort mineur
Puing SlàintePoent Yec'hedPoint de VieHit Point
RàsFuc'hRageRage
RidirMarc'hegChevalierKnight
Ridir an Teampall, TeampallachManac'h RuzTemplierTemplar
Ridir-croiseKroaziadCroiséCrusader
Ridir-naomhMarc'hekaerPaladinPaladin
RùnachRinwezhelArcaniqueArcane
RùnachdRinwezhelienArcanes (les)Arcana
SàgaSagaCampagneCampaign
SagartBelegPrêtrePriest
SeiseanAbadennPartie (de jeu)Game session
SeumanChamanChamaneShaman
Seunachd (draoidh)HudPouvoir (magique)Power (magic)
Seunachd (saidhgeach)Hud (bredel)Pouvoir (psychique)Power (psychic)
Sgeulachd, cnàmh-sgeulDanevellScénarioScenario, adventure
SgilBarregezhCompétenceSkill
SlaightearHailhonRoublardRogue
Slot geasaigeLokenn sordEmplacement de sortSpell slot
Spoch, ionnsaighArgadAttaqueAttack
SùrdalachdIntruduInitiativeInitiative
TàladhKarism, arwarzhCharismeCharisma
Tilgeil dhìsneanTaolad diñsoùLancer de désDice throw
ToilYoulVolontéWill
TuigseSperedIntelligenceIntelligence
UidheamAkiperezhEquipementEquipment

Ainmean bheathaichean, chreutairean is cinnidhean fantasach.

GàidhligBreatnaisFraingisBeurla
AilfElfElfeElf
AinneamhagFenisPhénixPhoenix
AmharcairArvesterSpectateurSpectator
Aog-phògLazh-pokerBaiser de la MortDeath Kiss
Aog-smàigirLazh-mac’homerTyramortDeath Tyrant
Aon-adharcachUnkornegLicorneUnicorn
ArpagHarpiHarpieHarpy
Basaileasg, rìgh-nathairBazilikBasilicBasilisk
BhampairVampir, skoulVampireVampire
Boc-dheamhanDen-bouc’hSatyreSatyr
BòcanGobilinGobelinGoblin
BrughadairDenigHalfelinHalfling
CeintearDen-marc’hCentaureCentaur
ChìomaireaKimerChimèreChimera
CioglòpsSiklopCyclopeCyclops
CnàmhlachSkeledennSqueletteSkeleton
Co-choisichePimpatromDoppelgänger, sosieDoppleganger
CoimheadairEdrec’herTyrannœilBeholder
DearcaireanSellerienTyrannœils (espèce en général)Beholders (overall species)
Doire-òighBoudig-dervDryadeDriad
Dorch-shùilLagadnozGauthGauth
Fuamhaire, famhairRamzGéantGiant
Grìbhean, GribhGrifonGriffonGriffin
HiodraSarpant Seizh-pennek, HidraHydreHydra
Leth-ailfHanter-elfDemi-elfeHalf-Elf
Leth-orcHanter-orkDemi-orqueHalf-orc
Luchraban, leipreachanKornandonGnomeGnome
Mac an DuineMab-denHumainHuman
MacAdhairBugul-aerElémentaire d’airAir Elemental
MacTalmhainnBugul-douarElémentaire de terreEarth Elemental
MacTeineBugul-tanElémentaire de feuFire Elemental
MacUisgeBugul-dourElémentaire d’eauWater Elemental
MandachòrasMantikorManticoreManticore
MaraisgRoñflOgreOgre
MìonotarMinotarvMinotaureMinotaur
Neo-marbh, sòmbaidhAnvarvadMort-vivant, zombieZombie, undead
Òigh-uisgeBoudig-dourNaïadeNaiad
OrcOurkOrqueOrk
PeigeasasMarc’h askelletPégasePegasus
SfingeSfiñsSphinxSphinx
SgeannairEvezhierExaminateurGazer
SìoldràgoinHad-drakDrakéideDragonborn
Sìtheach, sìtheagKorriganFée, lutinFairy, fey
SuireNimfennNympheNymph
TaibhseTeuzSpectre, fantômeSpectre, ghost
TeaflachTiefeladTieffelinTiefling
TrobhaTrollTrollTroll
TroichKorrNainDwarf

Faclair airson Magic: An Tional.

GàidhligBreatnaisFraingisBeurla
Air iteagWar-nijVolFlying
Ais-gheasag, geasachd tillidhEnep-sordContre-sortCounter-spell
Ath-bhualadhDaou-daolDouble initiativeDouble strike
BagairtGourdrouzMenaceMenace
BuanachPadelPermanentPermanent
CairtlannKartaouegBibliothèqueLibrary
Ciad bhualadhTaolad kentañInitiativeFirst Strike
CosantachDifennerDéfenseurDefender
CladhBered, gweredCimetièreGraveyard
ComharraMerkerMarqueurToken
Cuir air fògradhForbannañExilerExile
Cuir an gnìomh (buadh)Aktivañ (ur perzh)Activer (capacité)Activate (ability)
Cuir fo gheasaibhKelc’hiañEnchanterEnchant
Cuir fo uidheamStagañ, akipañEquiperEquip, attach
Deas-ghnàthRitual, lidRituelRitual
DeicKartoùDeckDeck
Do-mhillteDizistrujIndestructibleIndestructible
Fionn-sgeulachMojennelLégendaireLegendary
Fraighe, òraAora, kelc’hiennAuraAura
FuigheallArtefaktArtefactArtifact
FurachasEvezhiañsVigilanceVigilance
GeasagSordSortSpell
Ìobair (ag ìobradh)AberzhiñSacrifierSacrifice
LàmhDornMainHand
Làmh a’ BhàisStok ar MarvContact mortelDeathtouch
LasairFlachFlashFlash
Leig de (Leigidh mi X dhìom)En em zizoberSe défausserDiscard
LuathsHerrderCéléritéHaste
Magic: An TionalMagic : Ar C’hengalvMagic : L’AssembléeMagic: The Gathering
ManaMannaManaMana
MaolaganMoaliganMulliganMulligan
Naisg, dì-naisgNaskañ, dinaskañEngager, désengagerTap, untap
Nasg beathaLiamm a vuhezLien de vieLifelink
Neo-bhuanBerrbadelEphémèreInstant
Ro-shealladh ÀRakwel NRegard NScry N
RuigheadhDiraezPortéeReach
SeunArdigellDéfense talismaniqueHexproof
Siùbhlaiche-SìthBugul-doun, hud-treizhour, drouizandonArpenteurPlanewalker
Spleuchdadh, saltradhMac’hellerPiétinementTrample
TìrTirTerrainLand

Faclair airson Candela Obscura.

GàidhligBreatnaisFraingisBeurla
AireEvezhConcentrationFocus
Ann an neulTrec'hetHors de combatIncapacitated
Bacair CròidhBured DiwadennFiole à SaignéeBleed Containment Vial
BodhaigKorfCorpsBody
BrosnachadhLuskadurMotivationCatalyst
BualadhSkeiñImpactStrike
Comas a' ChearcaillBarregezh ar C'helc'hCompétence de CercleCircle Ability
ComharraMerkMarqueMark
CridheKalonNerfsNerve
CròDiwadennSaignéeBleed
DaingneachdGwevnderRésistanceResistance
Dìsinn-òirDiñs alaouretDé ornéGilded Die
Doras DùsgaidhAlc'hwez SklaerijennClef d'IlluminationIllumination Key
DùsgadhSklaerijennIlluminationIllumination
EòlasSantadurIntuitionIntuition
FalachKuzhañDissimulationHide
FoisDiskuizhañReposRefresh
GluasadFiñvalMouvementMove
Gnìomh-òirOber alaouretAction ornéeGilded Action
InntinnSperedIntellectBrain
LàrachKleizhCicatriceScar
LàthaireachdLevezonInfluenceSway
LeigheasPareañSoinStitch
LeughadhLennLectureRead
Lorgaire CròidhDetektour DiwadennDétecteur de SaignéeBleed Detector
MiseanKefridiMissionAssignment
MothachasSkiantSensSense
ÒraichAlaourañOrnerGild (to)
RannsachadhEnklaskEnquêteSurvey
RòlRollRôleRole
Roth DùsgaidhRod ar SklaerijennCycle d'IlluminationIllumination Cycle
SeòltachdGwidreRuseCunning
SmachdMestroniañContrôleControl
SònrachasMicherSpécialitéSpecialty
TrèanadhPleustrañEntraînementTrain
TuinnseLañsPousséeDrive
Tùs CròidhStivell DiwadennSource de SaignéeSource of Bleed

Mapaichean


'S e mapa aon de na rudan as cudromaiche nuair a bhios cuideigin a' dol air cuairt ann an saoghal mhòr làn mì-chinnt. An seo anns an Tùr, tha eòlaichean againn a bhios a' togail mapaichean airson na feadhainn a thèid air Slighe na Fèinne.Bithibh faiceallach! 'S e Ceiltich a th' annainn an seo, agus mar sin dheth bidh gach clàr-dùthcha againn air a thionndadh gu àirde an ear. 'S e sin a ràdhainn gum bi Àirde an Ear ri fhaicinn aig bàrr na duilleige, Àirde an Iar aig bun na duilleige, Àirde mu Thuath ris an taobh chlì agus Àirde mu Dheas ris an taobh deas.Tha na mapaichean sin an asgaidh, agus is urrainn dhuibh an luchdadh a-nuas agus an cleachdadh sna geamaichean is sgeulachdan agaibh. Nam bu mhath leibh rudan a rinn sibh anns a bheil na mapaichean againn a' nochdadh air loidhne no gu poblach, bhitheamaid an dùil gum bi sibh ag aithneachadh Tùr Lezarmeur. Agus nam bu mhath leibh rudeigin a reic anns a bheil na mapaichean againn, nach tig sibh an conaltradh rinn airson a bhith cinnteach gu bheil sinn toilichte le na tha fa-near dhuibh?Sin e! Seo na mapaichean.

Mapaichean gun ainm

An seo gheobh sibh clàran-dùthcha gun ainm. Is urrainn dhuibh ainm sam bith a chur orra agus fiù àiteachan a chruthachadh orra.

Mapa gun ainm 01, ri lorg an seo.

Mapa gun ainm 02, ri lorg an seo.

saoghalan ainmichte

An seo, gheobh sibh clàran-dùthcha de dh'àiteachan air a bheil ainmean, eachdraidhean agus muinntirean. Uaireannan, cuiridh sinn barrachd fiosrachadh mun dùthaich fhèin do na daoine aig a bheil ùidh.

Iaven

No "Iàbhain" sa Ghàidhlig. 'S e saoghal làn draoidheachd agus cluaineas poilitigeach a th' ann. Tha e air a roinn eadar na dùthchannan a leanas: Rìoghachd Dehouberzh (Pàirt a Deas), Rìoghachd Artanez, Tighearnas Kêrsidi (Cathair Sìoda), Co-chaidreachas nam Moragais ("Bro-Voreg"), Tighearnas Enez Doun (Innis Domhain), Tighearnas Paouglez (Pòbhglais), Rìoghachd Azoe (Asoa), Tighearnas Inizi an Tan (Innseachan an Teine), Rìoghachd Sìtheanaich Meneglas (Am Monadh Glas), agus Gweglann (Dùthaich nam Famhairean).
Ri lorg an seo.

Teveldir

No Teimheal, sa Ghàidhlig. Tha Teimheal làn dìomhairean agus gu math cunnartach air sàillibh nam mairbh-draoidh agus buidsichean a tha ri lorg ann. Gheobhar còig dùthchannan mòra ann: Tìrfhada (prìomh-bhailtean: Kêreon no Cathair Eòin; An Nor; Porzhmelen no Port Mhealain); Rìoghachd nan Eilean (prìomh-bhailtean: Loch Sòr; Aarbeg no Àrdbeag; Oulvig no Ùilbhig; Ouig no Uig); Rìoghachd Chaolfhada (prìomh-bhailtean: Innir Sil no Inbhir Sìl; Konkavel no Cong Abhail; Heun; Dinvaer no Dùn Mhaithir); Kelevig (prìomh-bhailtean: Dinkwez no Dùn na Coille; Loktelo no Log Tealo; Penahoat no Ceann na Coille); agus Tighearnas Ravanion (cathair-stàit Ravanion). A thuillidh air na dùthchannan sin, gheobhar rìoghachdan Sìtheaichean agus Famhairean, sa mhòr-chuid sna coilltean agus faisg air oir a' mhapa.
Ri lorg an seo.

Enez Prinn

Chan e ach eilean beag ann an saoghal fada nas motha air a bheil An Gleann a th' anns an Enez Prinn (no Innis Phrinn sa Ghàidhlig). Tha an t-eilean ann an teis meadhan loch uamhraidh mòr air a bheil Al Lennvor (no An Linn Mòr). 'S e tighearnas a th' ann a tha na phàirt de Rìoghachd Tìreanor. Tha an t-eilean gu math cliùiteach, gu h-àraidh a thaing don Oilthigh aige ann an Nerad. Tha daoine an siud ag ionnsachadh draoidheachd agus eachdraidh. 'S e eilean beartach a th' ann, le mèinnean domhain.
Ri lorg an seo.

Conaltradh


A bheil ceist agaibh? No a bheil rudeigin a tha sibh ag iarraidh bruidhinn ma dheidhinn linn? Tha fàilte ort teachdaireachd a chur thugainn agus bidh sinn an conaltradh ribh gun dàil.

COMHAIRLEACHADH. Chithear na cànanan Ceilteach tric ann am fantasachd, agus 's ann nas trice fiù 's a chithear mearachdan annta - mearachdan a tha tàmailteach. Chan e commodity a tha sna cànanan againn. 'S mar sin dheth, ma tha sibh airson Gàidhlig no Breatnais a chur san obair agaibh, agus ma tha coimhearlachadh a dhìth oirbh, nach leig sibh fios thugainn is bidh sinn toilichte bhur cuideachadh.